Théid Ceathramh Co-labhairt Teangeolaíocht na Gaeilge/Cànanachas na Gàidhlig a chumail ann an Roinn na Ceiltis, Oilthigh Dhùn Éideann, Di h-Aoine 16 agus Di-Sathairne 17 Giblean 1999. Tòisichidh gnothaichean feasgar no oidhche h-Aoine (a-réir àireamh nam pàipear) is bithidh Fàilteachadh ann mu 8.30 f. Tòisichidh òraidean Di-Sathairne anns a' mhadainn, a' leantail gu mu 5.00 f. aig a' char as fhaide. Bithidh dìnnear na Co-labhairt ann as deidh sin (cosgais mu £25). Feumaidh gach neach a tha am beachd pàipear a thoirt aig a' Cho-labhairt seo tiotal is geàrr-chunntas (mu 100-300 facal) a' phàipeir a chur gu Rùnaire na Co-labhairt, Roibeard Ó Maolalaigh (seòladh shìos) RO 12 GEARRAN 1999. Cuirear fàilte shònraichte ro phàipearan a dhéiligeas ris an dà chànan le chéile. Théid clàr-gnothaich an latha a stéidheachadh air na h-iarrtasan a thig a-steach ron latha sin. Feumaidh gach ball dhen Cho-labhairt foirm clàraidh a lìonadh is a chur gu Rùnaire na Co-labhairt ro 12 Gearran 1999, comhla ri cosgaisean na Co-labhairt.
| Cosgaisean | A' Cho-labhairt: | £10 £5 (oileanaich) |
| Dìnnear na Co-labhairt: | £25 (ri dhearbhadh) |
Tha tuilleadh eòlais ri fhaighinn mu dheidhinn na Co-labhairt aig: http://www.arts.ed.ac.uk/celtic/comhdhail/An Dr Roibeard Ó Maolalaigh
Roinn na Ceiltis
Oilthigh Dhùn Éideann
19-20 George Square
Edinburgh EH8 9LDFón: (+44) 0131 650 3622/23
Facs: (+44) 0131 650 3626
Post Dealain: Roibeard.O.Maolalaigh@ed.ac.uk
| Ainm: |
| Seòladh:
|
| Fón: |
| Facs: |
| Post Dealain: |
| Tiotal pàipeir: |