A' GHÀIDHLIG ANNS AN 21MH LINN: SÙIL AIR ADHART

Wilson McLeod


An clò: Léachtaí Cholm Cille, , 31 (2001), 90-109

Is mathaid gu bheil e ro fhurasta coimeasan a dhèanamh eadar eachdraidh agus suidheachadh na Gàidhlig ann an Albainn agus eachdraidh agus suidheachadh na Gaeilge ann an Èirinn. Tha na coltasan eadorra sònraichte soilleir a thaobh cruth agus cor nan sgìrean far an robh a' chànain (no am biodh e na b'fheàrr 'na cànainean' a ràdh?) ga bruidhinn anns an 20mh linn agus far a bheil i ga bruidhinn anns an latha an-diugh — sgìrean iomallach, creagach, neo-shaidhbhir, a tha an crochadh, gu ìre mhòir, air àiteachas agus air iasgach agus, gun teagamh, air eilthireachd. Ach a dh'aindeoin nan coltasan seo, tha a' Ghàidhlig air a bhith a' leantainn slighe gu math diofraichte ri slighe na Gaeilge thairis air na linntean, agus thòisich an dealachadh seo còrr is naoi ceud bliadhna air ais.

Is e tèama a' phàipeir seo, ge-tà, gum bi cùisean ag atharrachadh anns an linn ùr a tha romhainn, agus gum bi suidheachadh na Gàidhlig a' dlùthachadh ri suidheachadh na Gaeilge ann an iomadach dòigh. Bidh àite agus cor na Gàidhlig a' fàs gu math coltach ri àite agus cor na Gaeilge, ach rud beag nas laige, nas fhainne. Seo am paradocs: bidh àite na Gàidhlig a' sìor-neartachadh ann an riaghaltas na h-Albann, ann an cultar na h-Albann, ann am beatha nàiseanta na h-Albann anns an fharsaingeachd— ach bidh dùthchas agus dualchas na Gàidhlig a' sìor-chrìonadh, bidh coimhearsnachd thradiseanta na Gàidhlig a' dol sìos is sìos is fiù's a'dol à bith, agus is ann mar dàrna cànain, ga bruidhinn ann an lìon-cheanglaichean sgapte, seach prìomh-chànain dhùthchasach ga bruidhinn ann an sgìrean cruinneolach, a bhios a' Ghàidhlig beò.

Mus toir mi sùil air suidheachadh na Gàidhlig anns na bliadhnaichean ri teachd, bu mhath leam sgrùdadh goirid a dhèanamh air dà fhactar cudromach a chuidicheas tuigse suidheachadh na Gàidhlig anns an 20mh linn, agus carson a bha e cho eadar-dhealaichte ri suidheachadh na Gaeilge.

Ged a tha cunnart ann gu bheil an dealbh ro shìmplidh, faodar a ràdh gun do thachair meath na Gàidhlig ann an Albainn ann an dà ire, a' chiad ìre eadar c. 1100 agus c. 1400 agus an dàrna ìre bho c. 1750 air adhart. Tha adhbharan agus slighe meath na Gàidhlig bho 1750 air adhart gu math coltach ri meath na Gaeilge anns na linntean a dh'fhalbh, ach cha robh samhail na ciad ìre ri faicinn ann an Èirinn idir.

Mar thoradh air dol-sìos na Gàidhlig ann an taobh a deas agus ann an taobh an ear na h-Albann (anns an roinn a dh'fhàs na 'Galldachd' no 'Lowlands') eadar 1100 agus 1400, dh'fhàs a' Ghàidhlig na mion-chànain anns an dùthaich aice fhèin. Chan ann mar thoradh air ceannsachadh le coigrich a thachair an caochladh seo, ach an lùib eachdraidh nàiseanta na h-Albann fhèin: stèidheachadh nam borghan, fàs na malairt, poileasaidhean nan rìghrean Albannach 7rl. Gu dearbh, faodar a ràdh gun deach an nàisean Albannach — mar a thathas ga aithneachadh fhathast an-diugh — a chruthachadh (aig àm Cogaidhean na Saorsa (1292-1322)) mar choimhearsnachd Ghallda — coimhearsnachd agus nàisean anns an robh a' Ghàidhlig agus na Gàidheil Albannach air an iomall. Seo mìneachadh goirid carson nach robh, agus nach eil, àite cudromach airson na Gàidhlig ann an nàiseantachd Albannach, ann am fèin-aithneachadh nàiseanta Albannach, agus ann am poileataigs Albannach anns an fharsaingeachd.

Tha an dàrna diofar co-cheangailte ris a' chiad fhear: cha robh an t-Ath-bheothachadh Gàidhealach aig deireadh na 19mh linn idir cho làidir ann an Albainn 's a bha e ann an Èirinn. Gun teagamh, bha laigse na h-iomairt seo co-cheangailte ri iomallachd na Gàidhlig ann am fèin-aithneachadh nàiseanta Albannach, mar a mhìnich mi gu h-àrd. Co-dhiù no co dheth, cha do dh'fhàs ionnsachadh no teagasg na Gàidhlig mar a dh'fhàs iad ann an Èirinn bho thoiseach na 20mh linn air adhart. Fiù 'san latha an diugh, tha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig fhathast nan annas, agus tha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig anabarrach tearc an coimeas ri luchd-ionnsachaidh na Gaeilge. Gu dearbh, is dòcha nach eil 1,500 inbheach ann an Albainn an-dràsta a dh'ionnsaich a' Ghàidhlig gu fileantachd. Gu ìre mhòir mhòir, a-rèisd, is e th'ann, agus a bh'ann, an coimhearsnachd na Gàidhlig ach daoine aig a bheil a' chànain bho dhùthchas. Gus bho chionn goirid, cha robh a' Ghàidhlig a' faighinn taic no aire sam bith ach bho choimhearsnachd dhùthchasach na Gàidhlig fhèin. A-rithist, tha suidheachadh na Gaeilge, far an robh taic pailteas luchd-ionnsachaidh, agus taic na stàite, rim faighinn tro mhòrchuid na 20mh linn, fìor dhiofraichte.

Ach tha cùisean ag atharrachadh ann an dòighean cudromach a-nis, agus tha àite na Gàidhlig ann an Albainn a' fàs nas coltaiche ri àite na Gaeilge ann an Èirinn. Airson còrr is còig bliadhna deug, tha a' Ghàidhlig a' fàs ann am foghlam, anns na meadhanan, ann am beatha phoballach, ann an cultar, agus bidh am fàs seo a' leantainn air agus a' neartachadh — ged a tha, is ged a bhitheas, coimhearsnachd thradiseanta na Gàidhlig a' sìor-chrìonadh, mar a tha coimhearsnachd thradiseanta na Gaeilge a' sìor-chrìonadh anns a' Ghaeltacht. Anns a' chòrr den phàipear seo bidh mi a' sgrùdadh an t-suidheachaidh neònaich seo.


Luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh

Tha a' Ghàidhlig air a bhith a' cnàmh gu leantainneach fad còrr is dà cheud bliadhna. Tha am meath seo air tachairt ann an dachaigh an dèidh dachaigh, coimhearsnachd an dèidh coimhearsnachd, sgìre an dèidh sgìre, agus tha e a nis air na sgìrean deireannach agus na coimhearsnachdan deireannach a ruigsinn. A-rèir gach fianais, cha bhi Gàidhlig beò mar chànain coimhearsnachd — cànain coimhearsnachd cruinneolaich, co-dhiù — an ceann ceud bliadhna eile, no fiù's leth-cheud bliadhna eile.

Bidh trì prìomh-fheartan rim faicinn a thaobh coimhearsnachd na Gàidhlig anns na bliadhnaichean ri teachd:

A-rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh (a chaidh a chlàradh ann an 1991) bha 65,978 daoine a' bruidhinn na Gàidhlig ann an Albainn, 1.35% den àireamh-sluaigh nàiseanta — lughdachadh bho 79,307 ann an 1981 (1.6%) agus 210,677 ann an 1901 (5.2%).1 Is ann anns na h-Eileanan an Iar (no 'an t-Eilean Fada' mar a chanar gu tradiseanta ris a' ghrunn eileanan seo, bho Bharraigh gu Leòdhas) a tha daingneach na cànain an-diugh. Ann an 1991 bha Gàidhlig aig còrr is 66% de mhuinntir nan eilean, ach bha a' chànain gu math nas treasa taobh a-muigh nan coimhearsnachdan Gallda ann an Steòrnabhagh (Leòdhas) agus ann am Baile a' Mhanaich (Beinn na Faoghla). Bha a' Ghàidhlig aig a' mhòrchuid ann an taobh tuath an Eilein Sgitheanaich agus ann an Tiriodh cuideachd.2

Bha rud beag a bharrachd air 50% de luchd-labhairt na Gàidhlig a' fuireach ann am badan àraid taobh a-muigh a' chosta an iar agus Innse Gall, a' bhuidheann as motha dhiubh (11,973 daoine) a' fuireach ann am Baile Ghlaschu agus na bailtean mu thimcheall air.3 Thèid cùnntas-sluaigh eile a dhèanamh ann an 2001, agus thathas an làn-dùil gun tèid tuiteam mòr a chlàradh a-rithist — sìos gu 50,000, no beagan a bharrachd air sin, is dòcha.

An comharradh as iomagainiche buileach is e gu bheil e soilleir gu bheil atharrachadh cànain air chois anns na h-Eileanan an Iar a-nis. Ann an 1991, cha robh ach a' bheagchuid — 49.5% — a' bruidhinn na Gàidhlig anns a' bhuidheann-aois 3-15.4 A-rèir gach coltais tha an ìre air tuiteam bhon uair sin; chan eil Gàidhlig ach aig cairteal den chlann a tha a' tighinn gu sgoiltean nan eilean a-nis. Gun teagamh, tha a' Ghàidhlig ann an cunnart — ann an cunnart bàis — anns na sgìrean mu dheireadh far a bheil i beò mar chànain coimhearsnachd.

Is e an fhreagairt a th'aig luchd-leasachaidh na Gàidhlig gu ruige seo 'foghlam, foghlam, foghlam', agus chaidh mòran adhartais a dhèanamh anns an raon seo thairis air na fichead bliadhna a dh'fhalbh. Ach tha ceistean bunaiteach rim freagairt fhathast:

Aig an ìre seo, ge-tà, is e an duilgheadas as cudromaiche cho ìosal 's a tha foghlam Gàidhlig ann an siostam foghlaim na h-Albann. Anns a' bhliadhna sgoile 1999-2000 bha 1,831 bunsgoilearan a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, aig 59 aonadan no sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha.5 (Tha mi ag ràdh 'aonadan no sgoiltean' a chionn's gun deach sgoil Ghàidhlig a fhosgladh ann an Glaschu anns an Lùnastal 1999 agus dòrlach sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar a chòmharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig bho chionn goirid; tha an còrr de na sgoilearan a' frithealadh sgoiltean far a bheil sruth Beurla a' dol cuideachd). Is e adhartas math a tha seo, oir cha robh neach-cloinne sam bith a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bho chionn fichead bliadhna. Tha e na chùis-iomagain, ge-tà, nach eil na h-aonadan Gàidhlig a' fàs mar a bha beagan bhliadhnaichean air ais; bha na h-àireamhan a' dol suas aig ìre 12.7% gach bliadhna eadar 1993/94 agus 1997/98 ach dìreach aig ìre 2.3% eadar 1997/98 agus 1999/2000. Is e an gainnead de thidsearan Gàidhlig as coireach, gu ìre — ceist a ruigeas mi a-rithist.

Duilgheadas nas doimhne is e gu bheil an ìre de dh'fhoghlam Gàidhlig fada ro ìseal fhathast airson ath-nuadhachadh an t-sluaigh Ghàidhlig. Thathas a' meas gu bheil mu 1,500 luchd-labhairt Gàidhlig a' faighinn bàs gach bliadhna, agus gum feumte àrdachadh de 400% anns an àireimh den chloinn a tha a' faighinn foghlam Gàidhlig gus a' bheàrn seo a lìonadh.6

Chan eil na poileasaidhean foghlaim a thathas a' cur an gnìomh gu ruige seo a' dol a dh'fhuasgladh nan duilgheadasan seo. Fiù anns na h-Eileanan an Iar — far a bheil poileasaidh dà-chànanach air a bhith ann (air pàipear co-dhiù) fad còrr is fichead bliadhna — chan eil ach an treas cuid den chloinn a' leantainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bhiodh còrr is 750 tidsear ùr Gàidhlig a dhìth gus àrdachadh 400% a thoirt gu buil,7 ach cha bhi an Riaghaltas a' trèanadh ach 150 thairis air na seachd bliadhna a tha romhainn.

Tha cùisean nas laige fhathast aig ìre àrdsgoile. Ann an aithisg mhì-chliùiteach a chaidh a fhoillseachadh leis an Riaghaltas Thòraidheach ann an 1994, cho-dhùineadh gu robh sgaoileadh an fhoghlaim Ghàidhlig aig ìre àrdsgoile 'neither desirable nor feasible in the foreseeable future'.8 Thathar an dùil gun tèid ath-leasachadh den phoileasaidh seo a chur an gnìomh, ach tha an t-ath-leasachadh seo fada gun nochdadh. An-dràsta (1999-2000) chan eil ach 232 àrdsgoilear a' faighinn fiù's pàirt den teagaisg aca tro mheadhan na Gàidhlig.9 Tha a' mhòr-mhòrchuid de na sgoilearan a tha a' fàgail nan aonadan Gàidhlig a' tionndadh gu foghlam Beurla aig ìre àrdsgoile. Mar thoradh air seo, chan eil na comasan Gàidhlig aca gan leasachadh mar bu chòir, agus chan eil na h-òganaich seo buailteach a bhith a' cleachdadh na cànain nuair a ruigeas iad inbheachd — call a tha a' ciallachadh, aig a' cheann thall, nach eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, mar a tha e stèidhichte an-dràsta, gu mòran feum airson mairsinn na Gàidhlig.

A thaobh ionnsachadh na cànain mar chuspair, tha na h-àireamhan bochd truagh. Ann an 1999 cha d'fhuair ach 188 ardsgoilearan 'Higher' anns a' Ghàidhlig — 50 dhiubh ann an 'Gàidhlig' (deuchainn nam fileantach) agus 138 ann an 'Gaelic' (deuchainn an luchd-ionnsachaidh). Rud a tha do-chreidsinneach is e gu bheil na h-àireamhan a' dol sìos, bho 213 ann an 1997 agus 202 ann an 1998. Tha an aon phàtran ri fhaicinn a thaobh nan 'Standard Grades' — tuiteam bho 622 ann an 1997 gu 489 ann an 1998 gu 424 ann an 1999.10

Tha e cudromach a thuigsinn an lùib seo nach eil àite sam bith airson na Gàidhlig anns a' mhòr-mhòrchuid de sgoiltean na h-Albann, agus gu bheil a' mhòr-mhòrchuid de sgoilearan Albannach a' dol tron sgoil gun fhacal Gàidhlig a chluinntinn no a ionnsachadh. Tha an dearmad seo a' toirt buaidh làidir air suidheachadh na cànain anns an fharsaingeachd, oir is e an toradh dheth nach eil muinntir na h-Albann eòlach no mothachail air a' chànain, agus nach eil iad buailteach a bhith ga meas pròiseil no cudromach.

Thig piseach air choireigin air suidheachadh an fhoghlaim Ghàidhlig anns na bliadhnaichean ri teachd, ach tha amharas ann dè cho làidir 's a bhios e. Bho chionn goirid dhiùlt an Riaghaltas forail a chur ri Bile an Fhoghlaim a chuireadh na h-ùghdarrasan ionadail fo uallach laghail a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig; an àite sin chaidh Gàidhlig a ainmeachadh air liosta 'amasan nàiseanta' co-cheangailte ri foghlam, ach thathas ag aithneachadh nach eil mòran brìgh no spionnaidh anns an sgeama seo.11 Gun teagamh, cha dòcha idir idir gum faigh Gàidhlig àite anns a' chlàr-teagaisg nàiseanta, mar a thachair ann an 1922 leis a' Ghaeilge. Fanaidh foghlam Gàidhlig air iomall an fhoghlaim Albannaich.

Ach tha e riatanach co-theacs an t-suidheachaidh a fhaicinn. Mar thoradh air leasachaidhean nan deich bliadhna a dh'aom, tha a' Ghàidhlig air stairsneach rè ùire. Airson a' chiad turas ann an eachdraidh na cànain, bidh grunn meadhonach mòr de luchd-ionnsachaidh ga chur ri coimhearsnachd na Gàidhlig. Seo grunn neach-ionnsachaidh nach biodh a' faighinn na cànain gun structaran foirmeil oideachail — is e sin ri ràdh, gun phlanachadh cànain na stàite. Bidh an gluasad seo a' sìor dhol air adhart: bidh an ìre de luchd-ionnsachaidh a' meudachadh agus an ìre de dhaoine aig a bheil a' chànain bho dhùthchas a' lughdachadh. Aig àm air choireigin anns an 21mh linn, bidh barrachd neach-ionnsachaidh na 'dùthchasaich' ann — rud a thachair anns a' Chuimrigh, a-rèir coltais, aig deireadh na 20mh linn agus ann an Èirinn fada ron Dàrna Cogadh.12 Seo atharrachadh bunaiteach airson coimhearsnachd na Gàidhlig agus ma dh'fhaoidte airson na Gàidhlig fhèin.


Comasan cànain, stòrais cànain, lìomhadh cànain

Tha teachd an luchd-ionnsachaidh a' toirt dùbhlan don Ghàidhlig, oir tha ceistean cudromach ann a thaobh ìre nan comasan aca agus a thaobh na buaidhe aca air a' chànain. Aig an aon àm, tha comasan cànain na coimhearsnachd 'dùthchasaich' air a bhith a' crìonadh gu leantainneach fad ghinealach. Feumar planachadh cànain ioma-fillte agus fad-sheallach a chur an gnìomh gus na duilgheadasan seo a fhuasgladh.

A-rèir aithisg-rannsachaidh cudromaich a chaidh fhoillseachadh bho chionn goirid, tha na sgoilearan a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' ruigsinn nan targaidean oideachail nàiseanta agus fiù's a' toirt bàrr air na co-aoisean aca a tha an sàs ann am foghlam 'prìomh-shruthach', ach bha teagamhan ann mu chomasan nan sgoilearan anns a' Ghàidhlig fhèin.13 Bha e na bhriseadh-dùil do na tidsearan nach robh a' chlann a' dèanamh adhartas anns a' chànain mar a bhathas an dòchas; agus a-rèir aithris tha cuid de phàrantan, gu h-àraidh pàrantan a tha a' bruidhinn na cànain anns an dachaigh, iomagaineach mu chàileachd na Gàidhlig a tha ri faighinn anns na sgoiltean. Tha fathannan gan sgaoileadh mu na cleachdaidhean neònach a tha rin cluinntinn a-measg bunsgoilearan nan aonadan Gàidhlig — 'tha e a' bualadh mi', 'tha mise Catrìona', 'am faca tu e?'/'Bha'. Tha blas na Beurla làidir, fiù's a-measg cuid de na sgoilearan a tha a' fuireach ann an coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig dhùthchasach, 'dhualchainnteach' ga bruidhinn fhathast.

Tachartas nas cudromaiche buileach is e dol-sìos na Gàidhlig mar phrìomh-chànain anns na sgìrean 'dùthchasach'. Gu ruige an Dàrna Cogadh, agus fiù na 1970an ann an cuid de bhadan, bha a' mhòrchuid den chloinn a' tighinn chun na sgoile gun Bheurla agus ag ionnsachadh na Beurla mar chànain choimheach. Gun teagamh b'i a' Ghàidhlig a' chànain mhàthaireil aca, cànain na cridhe. Bho chionn goirid, ge-tà, tha caochladh mòr air tighinn: chan ann a-mhàin gu bheil cha mhòr a h-uile neach-cloinne ag ionnsachadh na Beurla na naoidheantachd, is ann aig a' Bheurla a tha làmh an uachdar. Bhiodh e doirbh duine a lorg ann an Albainn a tha nas òige na 25 bliadhna de dh'aois aig a bheil Gàidhlig mar fhìor chiad chànain, mar fhìor chànain mhàthaireil. Tha Gàidhlig aig òganaich fhathast, gun teagamh, ach mar as trice is e Gàidhlig cuimseach tana, beurlaichte a th'innte, gun fharsaingeachd briathrachais no gnàthais-cainnt.14

Chan eil an caolachadh seo na rud nàdarra — thachair e mar thoradh air poileasaidhean a shir a' bhuil seo de dh'aona-ghnothach. Chruthaich Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872 siostam oideachail làn-Bheurla a phut a' Ghàidhlig chun an iomaill, agus is ann fon t-siostam seo a fhuair ceithir no còig ginealaichean de Ghàidheil an cuid foghlaim. Is ann tro mheadhan na Beurla a fhuair iad a h-uile rud a dh'ionnsaich iad anns an sgoil, agus is ann fo sgàil na Beurla a thuig iad agus a chuir iad an cèill a h-uile rud a dh'ionnsaich iad anns an sgoil. Cha d'fhuair na sgilean Gàidhlig aca mòran taice bhon oideachadh seo, gu h-àraidh a thaobh structaran foirmeil na cànain. Fiù airson nan daoine aig a bheil a' Ghàidhlig mar fhìor-phrìomh-chànain, cànain mhàthaireil, ma-thà, is ann ann an cuid de raointean a-mhàin a nochdas a' phrìomhachd seo. Mar as trice tha briathrachas nas fharsainge aca anns a' Bheurla, tha barrachd sùbailteachd cànain aca anns a' Bheurla. Ach tha adhartas agus piseach rim faicinn a-nis. Mar thoradh air fàs àite na Gàidhlig anns an t-siostam oideachail, anns an roinn phoballaich, agus ann an raointean eile cuideachd, bidh leasachadh agus lìomhadh na cànain a' nochdadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn, agus bidh barrachd dhaoine a' nochdadh a tha làn-chomasach ann an leughadh agus ann an sgrìobhadh na cànain. Mar eisimpleir, chan eil litreachadh bun-tomhasach air a rèiteachadh fhathast. Bha na Gaelic Orthographic Conventions (1981) na cheum air adhart, ach tha tòrr bheàrnan annta, agus tòrr ceò. Cha ghabh a leithid de mhì-chinnt a fhulang ma thathas a' cleachdadh na cànain ann an suidheachaidhean foirmeil, agus tha cuid an dòchas gun deasaichear siostam ùghdarrasach, coltach ris a' Chaighdeán Èireannach, anns an aithghearrachd. Tha obair a dhìth cuideachd a thaobh bun-tomhasachadh a' ghràmair Ghàidhlig; a-rithist, tha am modal Èireannach iomchaidh agus ionmholta. Thèid barrachd cuideim a chur air stòrais cànain cuideachd: faclairean iomlan, ùr-nodha, leabhraichean abairtean is leabhraichean stoidhle, bathar-bog ceartachail srl. Tha beagan adhartais ri fhaicinn an lùib seo mar-thà — pròiseact Faclair na Pàrlamaid a tha fo sheòl an-dràsta, mar eisimpleir — ach is e Dwelly's, a chaidh a fhoillseachadh ann an 1911, prìomh-ghoireas luchd-cleachdaidh na Gàidhlig fhathast.

Tha e ri shùileachadh gun tèid barrachd Gàidhlig a chleachdadh anns an t-saoghal acadaimeagach, agus bidh leasachadh cànain agus lìomhadh cànain a' fàs an lùib seo. Gu ruige seo, tha sgrìobhadh acadaimeagach Gàidhlig aig ìre fhìor-ìosal; is ann tro mheadhan na Beurla a thathas a' dèanamh sgoilearachd air cànain, cultar, agus litreachas na Gàidhlig. Tha toiseach-tòiseachaidh air chois a-nis; mar eisimpleir, tha dà cheum oilthigh air an teagaisg tron Ghàidhlig gan tabhann bho 1998 air adhart aig Sabhal Mòr Ostaig, a' cholaisde Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach. Thig an obair air adhart mean air mhean: feumar briathrachas a chruthachadh agus a sgaoileadh, mus bi e furasta no nàdarra a bhith a' sgrìobhadh no a' beachdachadh air cuspairean acadaimeagach tro mheadhan na Gàidhlig. Thig na leasachaidhean seo; is e a' cheist, a-rithist, cuine a nochdas iad, agus dè cho làidir 's a bhios iad.

Chan ann a-mhàin gun tèid barrachd obrach acadamaigich a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig, ach bidh barrachd obrach ga dèanamh air litreachas na Gàidhlig agus gu h-àraidh air cànanachas agus sòisio-chànanachas na Gàidhlig. An lùib seo bidh Sgrùdadh nan Dualchainntean, a chaidh fhoillseachadh bho chionn goirid fo sgèith Institiúd Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath, na thobar-fiosrachaidh air leth torrach agus luachmhor.15 Tha e ri shùileachadh cuideachd gum bi barrachd taice oifigeil ann airson rannsachaidh co-cheangailte ris a' Ghàidhlig, gu h-àraidh rannsachadh sòsio-chànanach, mar a rinneadh ann an Èirinn fo sgèith Institiúd Teangeolaíochta Éireann agus eile.

Bidh aire an Riaghaltais cudromach ann an dòigh eile: leasachadh agus lìomhadh na cànain tro bhith ga cleachdadh ann an sgrìobhainnean oifigeil. Bho mheadhan nan 1980an air adhart, tha barrachd is barrachd fhoillseachaidhean oifigeil a' nochdadh anns a' Ghàidhlig, agus tha cothrom ann a bhith a' lìomhadh na cànain tron obair seo, mar a thachair ann an Èirinn bho 1922 air adhart.16 Tha duilgheadasan cànaineach agus poilitigeach ann fhathast, ge-tà: seach a bhith a' cur sgioba phroifeasanta ri chèile, tha an Riaghaltas a' fastadh eadar-theangairean neo-eisimileach a tha ag obair air an ceann fhèin agus a' tarraing air an ràmh fhèin, agus tha e coltach gur leisg leis an Riaghaltas tionntaidhean Gàidhlig de sgrìobhainnean oifigeil a fhoillseachadh mura h-eil an sgrìobhainn a tha fa-near co-cheangailte ris a' Ghàidhlig fhèin.17


Poileasaidh poballach agus planachadh cànain

Bidh aon cheist bhunaiteach ann am poileataigs na h-Albann anns an 21mh linn — 'a' cheist nàiseanta'. Am fuirich Alba taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte no am fàs i na stàit neo-eisimileach? Cha bhi ceist na Gàidhlig cudromach idir an coimeas ris a' cheist nàiseanta; cha dòcha gun toir a' Ghàidhlig buaidh air fuasgladh na ceiste nàiseanta, is cha dòcha gun toir fuasgladh na ceiste nàiseanta buaidh air a' Ghàidhlig. Ge b'e na thachras a thaobh nam bun-structaran, bidh àite na Gàidhlig ga dhaingneachadh ann an riaghaltas na h-Albann, mean air mhean, ach cha ruig e inbhe na Gaeilge — gun ghuth a ràdh air dà-chànanas an dà-rireabh.

Bhiodh e na aibheiseachadh, ach na aibheiseachadh beag, a ràdh nach eil àite sam bith airson na Gàidhlig ann an riaghaltas na h-Albann an-dràsta. Tha aire ga toirt don Ghàidhlig ann an co-dhiù naoi Achdan Pàrlamaid — achdan a tha a' dèiligeadh ri croitearachd, ri craoladh, ri foghlam, ri in-imrich, ri còmhdhail, ri dualchas agus ri ùghdarrasan ionadail.18 Is e prìomh-iomairt nam buidhnean Gàidhlig an-dràsta 'inbhe thèarainte' a chosnadh don chànain — ath-leasachadh bunaiteach a chruthachadh stèidh laghail airson na Gàidhlig air feadh na roinne poballaich.19

Is e a tha fa-near don luchd-iomairt an lùib inbhe tèarainte Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh, Achd

Is e Achd na Cuimris 1993 am prìomh-mhodal a thathas a' leantainn, ach thathas a' tuigsinn gu bheil inbhe na Gàidhlig fìor ìosal an-dràsta, agus gur e adhartas slaodach a tha ri dùil, gu h-àraidh air Ghalldachd, far a bheil lorg na Gàidhlig fann.

Aig àm an taghaidh mu dheireadh ann an 1997 gheall am pàrtaidh Làbarach inbhe thèarainte a thoirt don Ghàidhlig ach chan eileas a' faicinn adhartas sam bith an dèidh cha mhòr ceithir bliadhna fon Riaghaltas Làbarach. Tha e follaiseach a-nis gu bheil an Riaghaltas a' leantainn slighe eile; an àite Bile Ghàidhlig a thoirt a-steach don Phàrlamaid Albannaich chuir e buidheann-obrach air bhonn ann an 2000 gus suidheachadh farsaing iomairt na Gàidhlig a sgrùdadh. A-measg rudan eile, mhol a' bhuidheann-obrach seo gum bu chòir Roinn na Gàidhlig a stèidheachadh am broinn an Riaghaltais fhèin; Buidheann Leasachaidh Gàidhlig ùr a chruthachadh; agus àrdachadh mòr a chur ri buidsead nam buidhnean Gàidhlig.20 Rinneadh toiseach-tòiseachaidh ann an coilionadh nam molaidhean seo aig deireadh 2000. Ged a tha luchd-iomairt na Gàidhlig a' cur fàilte air na molaidhean seo agus air na ceumannan seo, chan eil iad a' riarachadh an iarrtais airson inbhe tèarainte, agus tha an iomairt a' leantainn oirre.

Cnag na cùise is e àite na Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Albann agus ann am Pàrlamaid na h-Albann, a chaidh a chur air bhog le chèile ann an 1999. Chaidh an cruthachadh còmhla ri Riaghaltas na Cuimrigh agus Seanadh na Cuimrigh, ach chan e structaran dà-chànanach a th'annta mar a tha am mic-shamhail anns a' Chuimrigh. Gu ruige seo, is ann mar iar-smuain a thathas a' dèiligeadh ris a' Ghàidhlig, ma thathas a' dèiligeadh rithe idir. Tha cothroman ann, ge-tà; tha e fada nas fhasa ceistean co-cheangailte ri Gàidhlig a chur air a' chlàr-obrach seach mar a bha e ann am Westminster, agus tha toradh, gu ìre, ri fhaicinn mar-thà.

Fhuair muinntir na Gàidhlig misneachd bho dheasbad eachdraidheil anns a' Phàrlamaid as t-earrach 2000 — a' chiad deasbad anns a' Ghàidhlig bho 1309, a-rèir aithris, nuair a bha a' Phàrlamaid na suidhe ann an Àirde-Catain (Earra-Ghàidheal) agus Raibeart Brus sa chathair. Bu neònach cho bàigheil is cho taiceil 's a bha na buill Pàrlamaid anns an deasbad seo — caochladh mòr bhon deasbad mhì-chliùiteach ann am Pàrlamaid Westminster ann an 1981 air a' Gaelic (Miscellaneous Provisions) Bill aig Dòmhnall Stiùbhart (BP airson nan Eilean Siar aig an àm), nuair a bha aineolas agus mì-rùn a' nochdadh air gach taobh.21

Is dòcha gur ann le Seòras Reid, iar-chathraiche na Pàrlamaid, a bha an òraid as brìoghmhoire, far an do chuir e an cèill 'without Gaelic, Scotland would simply not be Scotland; Gaelic is one of the forces that has shaped us'.22 Cha bhiodh a leithid de mholadh iongantach idir a thaobh na Gaeilge ann an Èirinn, ach gu dearbh bha e brosnachail ann am beul neach-poileataigs Albannaich de dh'àrd-inbhe.

Gu ruige seo, ge-tà, chan eil Oifis na h-Albann/Riaghaltas na h-Albann air a bhith an-sàs ann am planachadh cànain an dà-rireabh. Chan eil ro-innleachd ann airson na Gàidhlig, is cha robh riamh. Tha tòrr airgid — £13m Breatannach ann an 1999/200023 — ga chosg air buidhnean, iomairtean agus proiseactan co-cheangailte ris a' Ghàidhlig, ach chan eil stiùir ann: chan eileas a' comharrachadh a' chinn-uidhe no a' cumail smachd air an t-seòladh. Am bitheantas tha amasan diofraichte gan suathadh ri chèile: leasachadh eaconomach, leasachadh dùthchail, 'cultar Gàidhealach' nam measg. Tha reatoraic cheòthach ga cleachdadh; thathas a-mach air 'brosnachadh na Gàidhlig' is a leithid gun mhìneachadh mionaideach, soilleir air dè tha fa-near. Tha cruaidh-fheum air ro-innleachdan agus planaichean a tha a' prìomhachadh cleachdadh na cànain fhèin anns a h-uile pàirt de bheatha mhic-an-duine — agus a' cur cuideam air cleachdadh na cànain a dhèanamh nas fhasa. Mar thoradh air àrdachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd, is dòcha gum bi barrachd eòlais phroifeasanta ga chur gu feum airson leasachadh na cànain anns na bliadhnaichean a tha romhainn — leasachadh a bhiodh air leth luachmhor. Ach aig a' cheann thall tha ceist phoilitigeach ann ri freagairt: am bi luchd-poileataigs na h-Albann agus muinntir na h-Albann a' prìomhachadh na Gàidhlig agus a' stiùireadh ionmhas a dh'ionnsaigh na Gàidhlig?

Tha ceist nàiseanta eile a' nochdadh an lùib seo — an e cànain na h-Albann a th'anns a' Ghàidhlig, no dìreach cànain na Gàidhealtachd? Gun teagamh, tha barrachd dhaoine a' tuigsinn na Gàidhlig mar rudeigin nàiseanta, 'Albannach', a-nis, ach tha tòrr anshocaire ann fhathast — tha na faclan aig Seòras Reid fhathast annasach, fiù's connspaideach. Tron 21mh linn, is dòcha gun tèid an tuigse nàiseanta seo a neartachadh. Rud a tha a' dèanamh chùisean nas dorra is e gu bheil cànain nàiseanta eile ann an Albainn cuideachd: a' Bheurla Ghallda (no 'Albais' mar a tha cuid a' cantainn rithe, gu neo-thradiseanta). Gu ruige seo, tha iomairt na Beurla Gallda car lag agus neo-phroifeasanta, ach tha comas-fàis ann, gun teagamh. Dh'fhaodadh ioma-chànanas a bhith feumail agus cuideachail don Ghàidhlig, ach tha cunnart ann gum bi cuid a' moladh leasachadh na Beurla Gallda an àite leasachadh na Gàidhlig, gu h-àraidh air Ghalldachd. Gu ruige seo, tha a' mhòrchuid de luchd-iomairt na Beurla Gallda a' cur luach air a' Ghàidhlig cuideachd, ach tha teansa ann gun atharraich an suidheachadh seo.


Ìomhaigh na cànain: susbaint no suaicheantas?

Tha cuideam trom ga chur air àrdachadh ìomhaigh na cànain, no 'raising the profile of Gaelic' mar a chanar anns a' Bheurla. Ged nach eil e daonnan furasta ciall na h-abairt seo a thuigsinn, tha e coltach gur e faicsinneachd na cànain a tha fa-near. Gun teagamh, tha cùisean air atharrachadh gu mòr thairis air na còig bliadhna deug a dh'aom: tha Gàidhlig a' nochdadh ann an àiteachan far nach robh i ri faicinn riamh roimhe, agus tha fada a-bharrachd aire ga toirt dhi ann am 'prìomh-shruth' na beatha Albannaich. Tha na comharraidhean rim faicinn ann an iomadach àite: sluagh-ghairmean Gàidhlig air sanasan-reic; soidhnichean dà-chànanach air na rathaidean agus air na rathaidean-iarainn; làraich dà-chànanach air an Eadar-lìon; leabhrain Ghàidhlig ann an ionadan-turasachd; cuirmean-ciùil Gàidhlig aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann.24 Ach tha duilgheadas bunaiteach ann: a bheil na leasachaidhean seo co-cheangailte ri cleachdadh na Gàidhlig a-measg an t-sluaigh? A-rithist, is dòcha gum bi suidheachadh na Gàidhlig ann an Albainn a' dlùthachadh ri suidheachadh na Gaeilge ann an Èirinn: comharraidhean na cànain anns a h-uile àite, ach cleachdadh na cànain aig ìre ìosal.

Tha ìomhaigh an litreachais Ghàidhlig fada nas àirde a-nis na bha e bho chionn deich bliadhna air fhichead. Tro mhòrchuid na ficheadaimh linne bha litreachas Gàidhlig do-fhaicsinneach, cha mhòr, ann an saoghal litreachail na h-Albann; mar eisimpleir, cha d'fhuair an sàr-bhàrd Somhairle MacGill-Eain cliù farsaing ann an Albainn ro na 1970an, nuair a nochd cruinneachadh de a chuid bàrdachd ann an eadar-theangachadh Beurla (air a dheasachadh le bàrd ainmeil eile, Iain Mac a' Ghobhainn). An-dràsta tha cruinneachaidhean de bhàrdachd Ghàidhlig gan reic air feadh na dùthcha, fad is farsaing; tha dàin Ghàidhlig a' nochdadh gu cunbhalach anns na prìomh-irisean litreachail; agus tha bàird Ghàidhlig air na duaisean litreachail as luachmhoire a chosnadh. A dh'aindeoin sin uile, chan eil litreachas na Gàidhlig slàn fallain. Comharradh cunnartach is e gu bheil a' mhòr-mhòrchuid de bhàrdachd Ghàidhlig a' nochdadh ann an cruth dà-chànanach, le eadar-theangachadh Beurla na cois. (Gu dearbh, tha cuid a' ceisteachadh an ann 'an cois' na Gàidhlig a tha na tionndaidhean Beurla, air neo an ann an cois na Beurla a tha na tionntaidhean Gàidhlig).25 Tha cor an ruisg Ghàidhlig fìor ìosal: tha sgeulachdan agus nobhailean airson inbheach air leth gann, agus bhiodh iad na bu ghainne buileach mura b'e Clann a' Bhocsair (Alasdair agus Tormod Caimbeul). Cuideachd, tha e na chùis-smaoineachaidh nach eil saothair ruisg ga h-eadar-theangachadh idir, agus nach eil luchd-ionnsachaidh an sàs ann an rosg Gàidhlig mar a tha ann am bàrdachd.

Tha craoladh Gàidhlig air fàs gu mòr anns na beagan bhliadhnaichean a dh'aom, agus tha leasachaidhean a-bharrachd san amharc an-dràsta. Tha BBC Radio nan Gaidheal a' craoladh mu 45 uairean de phrògraman gach seachdain, agus tha coimhearsnachd na Gàidhlig a' toirt a làn-taic don t-seirbhis. A thaobh telebhisein, bha Achd Craolaidh 1990 na ceum eachdraidheil: chaidh maoin a chruthachadh (luach £8.5 mìllean Breatannach oirre am bliadhna) gus prògraman Gàidhlig a riochdachadh, agus tha mu 240 uair de phrògraman gan craoladh gach bliadhna. As t-fhoghar 2000 mhol buidheann-obrach oifigeil gum bu chòir seanail telebhisein Gàidhlig fa leth a stèidheachadh, coltach ri TG4 ann an Èirinn.26

Tha e làn shoilleir gu bheil muinntir an telebhisein Ghàidhlig air a bhith a' feuchainn ri ìomhaigh 'ùr-nodha' a dhealbhadh don chànain — iomairt a tha car connspaideach a-measg an dà chuid Ghàidheal is Ghall.27 Gun teagamh, tha telebhisean Gàidhlig air a bhith soirbheachail ann an àrdachadh ìomhaigh na cànain agus ann an stiùireadh na cànain a dh'ionnsaigh 'prìomh-shruth' a' chultair Albannaich. Mar thoradh air leasachadh an telebhisein Ghàidhlig, tha a' Ghàidhlig a' ruigsinn a h-uile seòmar-suidhe ann an Albainn, agus tha daoine ann an ceàrnaidhean dubh-Ghallda a' cluinntinn na Gàidhlig agus a' faicinn dhaoine 'àbhaisteach' a' bruidhinn na Gàidhlig, rudan nach tachradh às aonais. Ged a tha cuid fo iomagain gun caillte a' bhuannachd seo nan rachadh seanail Gàidhlig fa leth — ghetto Gàidhlig? — a chur air bhonn, tha e coltach nach bi e comasach, ann an linn an telebhisein dhigitich anns am bi roghainnean farsaing aig an luchd-amharc, a bhith a' leantainn air le ro-innleachd a' 'phrìomh-shruthachaidh' seo.28

Mu dheireadh, thathas a' cur cuideam làidir air an 'eaconomaidh Ghàidhlig', a' feuchainn ri leasachadh na Gàidhlig a cheangal ri leasachadh eaconomach. Tha rannsachadh a' dèanamh dheth gu bheil còrr is 1,000 duine ag obair anns an 'eaconomaidh Ghàidhlig' a-nis.29 Is e pròiseact cudromach a tha seo, oir tha an fhaireachdainn nach eil luach pragtaigeach aig a' Ghàidhlig air a bhith fìor sgriosail don chànain tro na linntean. Ach tha cunnart mòr ann nach bi cleachdadh na cànain a' dol am meud mar thoradh air an iomairt seo. Gu ruige seo, chan eileas a' prìomhachadh cleachdadh na cànain ann an leasachadh na h-'eaconomaidh Gàidhlig'.

A-rèir a' phrìomh-sgoileir anns an raon, cha bu chòir an eaconomaidh seo a thuigsinn a-rèir phrionnsapalan cànanach. Bu chòir toraidhean no seirbhisean 'Gàidhlig' a mheas mar phàirt den 'eaconomaidh Ghàidhlig' fiù's mura h-eil na daoine a tha gan dèanamh, gan solarachadh, no gan ceannach a' cleachdadh no a' tuigsinn Gàidhlig; agus cha bu chòir toraidhean no seirbhisean a chur san àireimh a tha gan dèanamh, gan solarachadh, no gan ceannach le daoine a tha a' cleachdadh na Gàidhlig, mura h-eil na toraidhean no na seirbhisean fhèin co-cheangailte gu dìreach ris a' Ghàidhlig.30 Uime sin, ma tha companaidh stèidhichte ann am baile làn-Bheurla a' reic clàradh ciùil Ghàidhlig gu neach-turais gun Ghàidhlig, thathas a' cur ris an eaconomaidh Ghàidhlig; ach ma tha manaidsear ùr gun Ghàidhlig a' tighinn gu buth bheag ann am baile croitearachd làn-Ghàidhlig, agus Beurla ga bruidhinn ann an suidheachadh far nach robh i ga cleachdadh riamh roimhe, chan eil e gu deifir airson na h-eaconomaidh Gàidhlig.

Gun teagamh, tha e luachmhor a bhith a' sireadh dhòighean gus leasachadh eaconomach agus leasachadh cànain a cheangal ri chèile. Ach tha e riatanach a thuigsinn nach eil an dà rùn co-ionnan. Faodar eaconomaidh nan Eilean Siar a leasachadh ann an dòigh nach toir buannachd don Ghàidhlig, no fiù ann an dòigh a tha a' dèanamh cron don chànain. Faodar airgead a chosg air pròiseactan 'Gàidhlig' (no 'Gaidhealach' — facal beag sleamhainn) far nach eileas a' cleachdadh na Gàidhlig idir. Tha e riatanach gu bheil planachadh cànain ga chur an gnìomh gus sùil gheur a chumail air cleachdadh na Gàidhlig agus leasachadh na Gàidhlig ann an saoghal na h-obrach. Tha e cunnartach cus earbsa a chur ann an sluagh-ghairmean mealltach, no cuideam a chur air sgeadachadh seach susbaint.


Ceangal

Is e atharrachadh mòr a tha an dàn don Ghàidhlig anns an 21mh linn, agus bu chòir an t-atharrachadh seo a fhaicinn mar chothrom, mar dùbhlan, is chan ann mar chunnart no mar chall. Tha tòrr Ghàidheal iomagaineach nach faighear Gàidhlig mar chànain na cridhe ach a-mhàin tro thar-chur tradiseanta, ann an coimhearsnachdan far a bheil i air a bruidhinn tro na linntean — nach faighear ach Gàidhlig fhuar ann an suidheachadh sam bith eile. Ach tha dòchas ri lorg ann an dùthchannan eile far a bheileas ag obair a dh'ionnsaigh aiseirigh cànain, gu h-àraidh ann an Catalunya agus ann an Euskadi (Dùthaich nam Basgach). Tha dà chòmharradh ann a tha brosnachail, gu sònraichte. A-rèir rannsachaidh, tha òigridh Euskadi a' coimhead air an Euskara (a' Bhasgais) mar chànain co-cheangailte ris an àm ri teachd, seach ris an àm a dh'aom. A thuilleadh air sin, tha barrachd dhaoine anns a' ghinealach òg seach anns a' ghinealach aosda ann an Euskadi a' cumail a-mach gur e Euskara a' chiad chànain aca — chan ann a-mhàin gu bheil poileasaidhean an riaghaltais a' cur na cànain a-steach do na sgoiltean mar dàrna chànain ach gu bheil iad a' brosnachadh na cànain ann an dachaighean na dùthcha agus ann an inntinn na h-òigridh. Chan eil suidheachadh na Gàidhlig idir cho sona, ach tha an fhianais bho Euskadi a' sealltainn gu bheil e comasach coimhearsnachd cànain ùr, 'neo-thradiseanta' a chruthachadh, tro phlanachadh cànain, anns a bheil an luchd-labhairt 'neo-thradiseanta' a' bruidhinn na cànain mar chànain mhàthaireil. Gabhaidh e a dhèanamh. Seo an dùbhlan mòr do choimhearsnachd na Gàidhlig anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha mi an comain mo cho-obraiche Mark Wringe airson a' chuideachaidh a thug e dhomh ann an deasachadh na h-aiste seo.


FOCLOIRÍN

àbhaisteachgnách
adhartasdul chun cinn
air adhartar aghaidh
borghanbuirgí
buannachdbuntáiste
bun-tomhasachcaighdeánach
coimhearsnachdpobal
coltachcosúil
coltasancosúlachtaí
còmhdhailiompar no comhdháil
corstaid
cudromachtábhachtach
cuideachdfreisin
cuideambéim no meáchan
cunbhalachseasta
daonnani gcónaí
dèan dhethconclúidigh
deasbad díospóireacht
deuchainnsrúdú
dorradeacra
duilgheadasfadhb no deacracht
eachdraidhstair
eadar-theangaichaistrigh
earbsamuinín
fathannráfla
fearttréith
iar-chathraicheleaschathaoirleach
inbheachduine fásta
iomairtfeachtas no forbairt
ionadailáitiúil
ionnsaichfoghlaim
leasaichforbair
is mathaidb'fhéidir
mionaideachmionchruinn
neo-eisimileachneamhspléach
prìomhachadhtosaíochtú
riochdaichionadaigh no léirigh
ro-innleachdstraitéis
sgeadachadhmaisiú
sgiobafoireann
slaodachmall
soirbhichéirigh le
sùbailteachdsolúbthacht

1General Register Office Scotland/Àrd Oifis Clàraidh Alba, 1991 Census/Cunntas-sluaigh 1991, Gaelic Language/A' Ghàidhlig, Scotland/Alba (Dùn Èideann: HMSO, 1994), 24, 39. ^

2 1991 Census/Cunntas-sluaigh 1991, Gaelic Language/A' Ghàidhlig, 37, 27. ^

3Kenneth MacKinnon, 'The Dynamics of Scottish Gaelic' (pàipear air a thoirt seachad aig a' cho-labhairt air 'Language Policy and Planning in the European Union', Liverpool, 28-29 Giblean 1995), 3; 1991 Census/Cunntas-sluaigh 1991, Gaelic Language/A' Ghàidhlig, 82-83, 85, 88-93, 96-99. A-rèir cunntas-sluaigh 1991 bha comas-leughaidh ann an Gàidhlig aig 41,429 daoine agus bha comas-sgrìobhaidh ann an Gàidhlig aig 30,760 daoine. Gu mì-fhortanach, chan eil an cùnntas-sluaigh a' sireadh fiosrachadh air comas-tuigsinn na Gàidhlig, no fiosrachadh air an àireimh de luchd-labhairt taobh a-muigh na h-Albann. Tha beagan mhìltean de Ghàidheil air imrich gu Sasann no gu dùthchannan eile, ach cha ghabh tuairmse a dhèanamh air an àireimh dhiubh. ^

41991 Census/Cunntas-sluaigh 1991, Gaelic Language/A' Ghàidhlig, 106. ^

5Scottish Parliament Information Centre, pàipear-fiosrachaidh air 'Gaelic (Gàidhlig)', Devolution Series 2/00 (2 Màrt 2000), 4. Tha mu 75% de na bunsgoilearan seo ann an sgìre Comhairle nan Eilean Siar agus sgìre Comhairle na Gaidhealtachd, ach tha aonadan eile ann fo sgèith comhairlichean Siorrachd Àir an Ear, Aonghais, Baile Obar Dheathain, Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear, Dhùn Èideann, Earra-Ghàidheil agus Bhòid, Ghlaschu, Inbhir Chluaidh, Siorrachd Lannraig a Deas, Siorrachd Lannraig a Tuath, Pheairt agus Ceann Rois, agus Shruighlea. ^

6Kenneth MacKinnon, 'Can the Heartlands Hold? Prospects of post-modern speech communities in the Celtic Homelands' (pàipear air a thoirt seachad aig an 11mh Còmhdhail Eadar-Nàiseanta ann an Eòlas Ceilteach, Coláiste na hOllscoile, Corcaigh, 25-31 Iuchar 1999), 1. ^

7MacKinnon, 'Can the Heartlands Hold?', p. 1. ^

8Scottish Office Education Department, Provision for Gaelic Education in Scotland: A report by HM Inspectorate of Schools (Dùn Èideann: HMSO, 1994), 3. ^

9Scottish Parliament Information Centre, 'Gaelic (Gàidhlig)', 4. ^

10Scottish Parliament Information Centre, 'Gaelic (Gàidhlig)', 3. Tha an 'Higher' a' co-fhreagradh ris an 'Leaving Certificate' Èireannach agus an 'Standard Grade' a' co-fhreagradh ris an 'Junior Certificate' Èireannach. ^

11Tha mion-fhiosrachadh mun chùis ri fhaighinn ann an Robert Dunbar, 'Legal and Institutional Aspects of Gaelic Development', ann an Aithne na nGael/Gaelic Identities, deasaichte le Gordon McCoy agus Maolcholaim Scott (Béal Feirste: Institute of Irish Studies, Ollscoil na Banríona, 2000), tdd. 67-87 (tdd. 84-87). ^

12Cf. Oifis na Cuimrigh, 1992 Welsh Social Survey: Report on the Welsh Language (Cardiff: HMSO, 1995). ^

13Richard Johnstone et al., The attainments of pupils receiving Gaelic-medium primary education in Scotland (Sruighlea: Scottish Centre for Information on Language Teaching and Research, 1999). ^

14Derick S. Thomson, 'Attitudes to linguistic change in Gaelic Scotland', ann an The Changing Voices of Europe, deasaichte le M.M. Parry, W.V. Davies agus R.A.M. Temple (Cardiff: University of Wales Press/Modern Humanities Research Association, 1994), 227-35. ^

15Survey of the Gaelic Dialects of Scotland, deasaichte le Cathair Ó Dochartaigh, 5 imleabhar (Baile Átha Cliath: Institiúd Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath, 1997). ^

16Faic Máirtín Ó Murchú, 'The Irish Language', ann an The Celtic Connection, deasaichte le Glanville Price (Gerrards Cross: Colin Smythe, 1992), 30-64 (td. 49). ^

17Faic Wilson McLeod, 'Official Gaelic: Problems in the Translations of Public Documents', Scottish Language, 19 (ri nochdadh). ^

18Scottish Parliament Information Centre, 'Gaelic (Gàidhlig)', 2. ^

19Faic Comunn na Gàidhlig, Inbhe Thèarainte dhan Ghàidhlig/Secure Status for Gaelic (Inbhir Nis: Comunn na Gàidhlig, 1997); Comunn na Gàidhlig, Dreach iùl airson Achd Gàidhlig/Draft brief for a Gaelic Language Act (Inbhir Nis: Comunn na Gàidhlig, 1999). ^

20Buidheann-Gnìomh Maoineachadh Poblach na Gàidhlig/Taskforce on Public Funding of Gaelic, Ag Ath-Bheòthachadh Gàidhlig: Neamhnuid Nàiseanta/Revitalising Gaelic: A National Asset (Dùn Èideann: The Scottish Executive, 2000). ^

21Gheibhear geàrr-chùnntas air an deasbad seo ann an Wilson McLeod. 'Official Status for Gaelic: Prospects and Problems', Scottish Affairs, 21 (1997), 95-118 (tdd. 101-02); faic cuideachd Hansard, 13 Gearran 1981. ^

22Scottish Parliament Official Report, 4 Màrt 2000. Bha an dithis bhall aig an robh Gàidhlig fhileanta a' labhairt anns a' Ghàidhlig, agus bha 'cupall pharagraf' aig dòrlach eile, Reid nam measg. Is ann tro mheadhan na Beurla a rinneadh a' mhòrchuid den deasbad, ge-tà. ^

23Scottish Parliament Information Centre, 'Gaelic (Gàidhlig)', 3. Seo an ìre taice a tha a' tighinn bho Riaghaltas na h-Albann; tha taic a-bharrachd a' tighinn bho na h-ùghdarrasan ionadail, gu h-àraidh an lùib foghlaim. ^

24Faic Richard A.V. Cox, 'Tokenism in Gaelic: The Language of Appeasement', Scottish Language, 17 (1998), 70-81. ^

25Faic an deasbad air eadar-theangachadh na bàrdachd Gàidhlig ann an Chapman, 89-90 (1998), 149-60. ^

26Gaelic Broadcasting Task Force, Gaelic Broadcasting Task Force Report (Dùn Èideann: The Scottish Executive, 2000). ^

27Faic Mike Cormack, 'Programming for Cultural Defence: The Expansion of Gaelic Television', Scottish Affairs, 6 (1994), 114. ^

28Faic François Grin agus François Vaillancourt, The cost-effectiveness evaluation of minority language policies: Case studies on Wales, Ireland and the Basque Country (Flensburg: European Centre for Minority Issues, 1999), 36. ^

29Faic Alan Sproull agus Brian Ashcroft, The Economics of Gaelic Language Development: A Research Report for Highlands and Islands Enterprise and the Gaelic Television Committee with Comunn na Gàidhlig (Glaschu: Glasgow Caledonian University, 1993), iii. ^

30Faic Alan Sproull, 'Regional economic development and minority language use: the case of Gaelic Scotland', International Journal of the Sociology of Language, 121 (1996), 93-117 (td. 99). ^


Language Policy and Planning | Celtic Section Homepage

All queries concerning Research on Language Policy and Planning in the Department of Celtic and Scottish Studies should be directed to: w.mcleod@ed.ac.uk

All other queries concerning Celtic should be directed to: Celtic.Dept@ed.ac.uk

Page last updated Wednesday, 29-May-2002 10:52:04 BST by Kaye Brewster
Email: K.Brewster@ed.ac.uk